



This e-newsletter is also available to view in English, please click HERE for the English version or HERE for the Irish version (PDF).
---------------------------------------------------------------------------------------------------------------
Tha fàilte romhaibh a-rithist gu ar cuairtlitir eileactronaigeach, gar cumail suas ri na tha a’ tachairt ann am Pròiseact nan Aiseagan Beaga a tha a’ dealbh plana ro-innleachdail airson bàtaichean-aiseig beaga a bhios a’ frithealadh eileanan agus coimhearsnachdan iomallach ann an Eireann agus Alba. Ma tha sibh airson barrachd fhaighinn a-mach mun obair againn no fiosrachadh eile fhaighinn mu ar co-oibrichean, cuiribh fios gu www.smallferriesproject.com
----------------------------------------------------------------------------------------------------------------
Tadhal Choimhearsnachdan

Tha Sgioba Phròiseict nan Aiseagan Beaga a’ leantainn le sreath choinneamhan le coimhearsnachdan agus bidh iad a’ frithealadh Coinneamh Bhliadhnail Caidreachas Eileanan na h-Eireann air 15mh Cèitein, a’ toirt cothrom do mhuinntir Eilean Reachlainn coinneachadh riutha a dh’fhaighinn a-mach barrachd mu na tha romhpa agus buannachdan a’ phròiseict. ’S e ceann-teagaisg na Coinneimh Bhliadhnail “Co-oibreachadh – Slighe gu Leantainneachd”.
Roimhe seo, air 13mh Giblean chuir a’ bhuidheann-stiùiridh fàilte air riochdairean bho chuid de na companaidhean bho sgìre a’ phròiseict leithid Arran Island Ferries, Tory Island Ferries agus Aiseagan ChalMac. Chaidh bùth-obrach a chumail aig oifisean CMAL ann am Port Ghlaschu far an robh còmhraidhean mu adhartas agus gu sònraichte beachdan air seòrsaichean de dhealbhachd airson bàtaichean agus goireasan cala. Chaidh grunn cheistean a thogail a thèid a bhiathadh a-steach do dh’aithisg an luchd-comhairleachaidh agus thèid am foillseachadh air làrach-lìn an SFP rè ùine.
---------------------------------------------------------------------------------------------------------------
Latha Mara na h-Eòrpa

An dèidh co-labhairt latha gu math èifeachdach anns a’ Bhruseil anns an fhoghar seo chaidh, bidh buidheann an SFP air an t-slighe gu Gijón ans an Spàinn airson cur ri Latha Mara na h-Eòrpa air Cèitean 20mh. Tha e na amas aig an latha seo a bhith a’ togail aire gu suidheachadh choimhearsnachdan iomallach ri oir na mara air feadh na Roinn Eòrpa agus a’ nochdadh cho cudromach sa tha a’ mhuir do chuid nam bi-beò. Bidh e cuideachd a’ soillearachadh cothroman agus dùbhlain a tha mu choinneamh sgìrean mara agus roinnean obrach leithid turasachd, iasgach, còmhdhail agus atharraichean san aimsir. Bidh buidheann an SFP a’ gabhail pàirt ann am bùth obrach air “Obair mara ann an raon mara fosgailte na h-Eòrpa” air Cèitean 21.
Geàrr-chunntas
Tha gnìomhachas na mara anns an Roinn Eòrpa agus rianadairean poblach a tha nam Ball dhen Aonadh air mòran stòrais a chur ri èifeachdas agus coileantachd chùisean. Chuireadh gu mòr ri margaidh na Eòpra le bhith a’ cur an-sàs innleachdan còmhdhail a tha èifeachdach taobh staigh sgìre còmhdhail mara na h-Eòrpa far a bheil a h-uile ball ag obair. Tha E-mara, slighean uaine agus innleachdan obrach ùra eile gu bhith cudromach anns a’ gheàrr-ùine airson a bhith a’ misneachadh agus a’ togail obair mara anns an Roinn Eòrpa.
CATHRAICHE: Antonio Masip, Ball-Pàrlamaid na h-Eòrpa, Comadaidh Còmhdhail
Ma tha sibh airson clàradh, rach gu: http://ec.europa.eu/maritimeday
---------------------------------------------------------------------------------------------------------------
Dealbhachd Aiseagan

Tha am pròiseact seo ag amas air plana ro-innleachdail a dhealbh airson cabhlach de bhàtaichean-aiseig beaga a bhiodh a’ frithealadh sgìrean iomallach agus eileanan a-mach bho chladaichean na h-Alba agus Eireann. A bharrachd air a bhith a’ measadh buannachdan a dh’fhaodadh a bhith an-lùib ceannach mar-aon, thathas a’ coimhead ri dealbhachd co-ionnan airson goireasan phort agus aiseagan. Mar a thèid sreath ùr de dhealbhachd a thoirt air adhart airson “aiseagan bi-beò” a tha a’ gabhail a-staigh gach ìre as àirde agus ùr airson a bhith a’ làimhseachadh bhàtaichean-aiseag an latha an diugh, feumaidh sinn cuideachd sùbailteachd a chumail san delabhachd a fhreagras air feumalachdan eileanan fa-leth. Ag obair còmhla ri Buidheann Halcrow, agus a’ cleachdadh rannsachadh aithisg MVA air aiseagan a tha gu bhith a dhìth, tha ar luchd-comhairleachaidh dealbhachd Deltamarin ag obair air dealbhachd co-ionnan airson bàtaichean beaga a thig air adhart le dealbhachd a fhreagras air feumalachdan eileanan agus sgìrean iomallach airson na 25 bliadhna a tha romhainn.
’S e fear de na prìomh cheistean a-thaobh dealbhachd mar a thèid dèiligeadh ri ceistean uaine, agus molaidhean a-thaobh dèiligeadh ri cur-a-mach guail, agus mar thèid a’ bhuaidh aig sin air an àrainneachd a lughdachadh tro dhealbhachd nas èifeachdaiche air bàtaichean agus goireasan cala.
----------------------------------------------------------------------------------------------------------
Puirt & Calaidhean

Anns an eadar-ama tha Buidheann Eireannach Halcrow a’ cumail air adhart leis an obair aca a’ dealbhadh goireasan puirt a bhiodh èifeachdach agus freagarrach airson gach coimhearsnachd a chaidh a chomharrachadh leis a’ phròiseict. ’Na phàirt dhen sin tha measadh air cosgaisean aig na puirt a tha sin mun cuairt air cladaichean na h-Alba agus Eireann. Thèid measadh air dealbhachd nan aisgean agus na goireasan a bhiodh an-lùib sin a chleachdadh son iomairt malairt a chruthachadh nas fhaide air adhart dhen bhliadhna, a bhios a’ comharrachadh gach buannachd agus sàbhaladh a bhiodh an-lùib ro-innleachd ceannach co-ionnan nuair bhiost' ag ùrachadh cabhlach nam bàtaichean beaga thar gach roinn anns a’ chompàirteachas.
---------------------------------------------------------------------------------------------------------------
Mun Chompàirteachas

’S e amas an SFP Plana Ro-innleachdail a dhealbh a bhios a’ tairgse seirbheis èifeachdach do choimhearsnachdan eileanan iomallach agus seirbheis aiseig bho thir-mòr a tha freagarrach do luchd-cleachdaidh is saoghal malairt anns an 21mh linn.
Tha Stòras Mara Chailedonia (CMAL) an compàirteachas leis an Roinn Leasachaidh Roinneil ann an Èireann a Tuath agus an Roinn Gnóthaí Pobail, Tuaithe, agus Gaeltachta mu dheas, a’ rannsachadh ciamar a ghabhadh ro-innleachd dealbhachaidh agus ceannach cleachdadh airson bàtaichean-aiseig beaga le na buidhnean fa-leth.
Le bhith ag obair còmhla, tha na buannachdan a tha an-lùib a bhith a’ dealbhachadh gu coitcheann agus a’ ceannach còmhla, a’ gabhail a-staigh sgilean agus eòlas thar nan trì crìochan anns a’ chompàirteachas a’ gearradh chosgaisean agus a’ fuasgladh cothroman èifeachdais tro eaconamachd meud.
Fhuaras taic airgid de £233,750 bhon EU fo Phrògram INTERREG IVA - Prògram Compàirteachais Roinneil Thar Chrìochan airson Eireann a Tuath, Roinn nan Crìochan agus Taobh Siar na h-Alba. ’S e amas Program INTERREG IVA a bhith: “A’ cumail taic ri compàirteachas thar-chrìochan airson roinn nas beairtiche agus nas seasmhaich a chruthachadh”.
Tha na slighean a chaidh a chomharrachadh airson rannsachaidh leis a’ phròiseict seo uile taobh-staigh thomhaisean slighean aiseagan beaga agus taobh-staigh sgìre thar-chrìochan prògram na h-Eòrpa.
A-measg nan slighean a thèid a rannsachadh tha:
• Alt an Chorrain gu Leab Gharbh, Arainn Mhor
• Alt an Chorrain gu Toraigh
• Ballycastle gu Reachlainn
• An Tairbeart gu Port a’ Mhadaidh
• Giogha gu Taigh an Lòin
• An t-Òban gu Lios mòr
• Tobar Mhoire gu Cille Chomhghain
• Sgonnsair gu Ratharsair
A bharrachd air nan 8 slighe a tha a’ tighinn a-steach fon sgìre taice, tha sùil again gum bi teachd-a-mach a’ phròiseict gu buannachd gu math farsainn. Tha còmhraidhean air an cumail mar tha le comhairlean ann an Alba aig a bheil feum an cuid aiseagan ùrachadh air taobh an Iar na h-Alba, agus tha cothroman eile a’ fuasgladh an Eireann, far am faodadh slighean leithid na leanas buannachd fhaighinn bhon phròiseict:
o Ros an Mhíl gu Árainn
o Ros an Mhíl gu Inis Meáin /Inis Oírr
o Roonagh gu Eilean Chlàir / Inishturk
o Castletownbere gu Bere Island
o Pontoon gu Bere Island
Tha CMAL, aig a bheil sealbh air toglaichean is eile aig cidheachan agus calaidhean aig 21 diofar àite air feadh Alba, a’ tòiseachadh air prògram leasachaidh a chruthaicheas goireasan nas èifeachdaiche agus a dh’fhosglas cothroman airson barrachd sheirbhisean aiseige. Tha sealbh aig CMAL cuideachd air 31 bàt’-aiseig a tha air chùmhnant aig grunn oibrichean. ’S ann leis an Riaghaltas a tha CMAL fo stiùir Mhinistirean na h-Alba, aig a bheil sealbh air na h-earrannan gu h-iomlan.
Chaidh Roinn Leasachaidh Roinneil An Èireann a Tuath (DRDNI) a chruthachadh mar aon de 11 Roinn ann an Èireann a Tuath ann an 1999 tro Òrdan Roinnean (Eireann a Tuath) 1999. ’S e a phrìomh dleastanas air na Roinnean, dealbhachadh roinneil, rathaidean, còmhdhail poblach agus earran dhen obair a tha an lùib poileasaidh agus taic do dh’òitreachas agus uisge, agus puirt-adhair is mara.
’S e amas na Roinne Dùthchail, Coimhearsnachd is Gaeltacht a bhith a’ brosnachadh agus a’ cumail taic ri leasachaidhean coimhearsnachd a tha seasmhach agus fosgailte dhan h-uile duine, an dà chuid am bailtean mòra agus air an dùthaich, a’ gabhail a-staigh sgìrean Gaeltacht agus coimhearsnachdan eileanach.
Tha sùil again an ath chuairtlitir fhoillseachadh thar mìosan an t-samhraidh, le fiosrachadh ùr ga chur gu cunbhallach air làrach lìn a’ phròiseict www.smallferriesproject.com
---------------------------------------------------------------------------------------------------------------
Clàradh airson na cuairtlitreach
Ma tha fhios agaibh air duine sam bith eile a bhiodh ag iarraidh na cuairtlitreach seo ach nach eil an dràsta air an liosta againn, tha cothrom sin a chur air dòigh air an làrach-lìn aig CMAL aig www.smallferriesproject.com
---------------------------------------------------------------------------------------------------------------
This e-newsletter is also available to view in English, please click HERE for the English version or HERE for the Irish version (PDF).